CÙRSAICHEAN
Tha sinn uile fhathast ag ionnsachadh agus bidh Clì a’ ruith roghainn mhòr de chùrsaichean a dh’fhreagarras air feumalachdan luchd-ionnsachaidh aig a h-uile ìre. Gabhaidh na cùrsaichean seo a ruith air feadh na h-Alba aig àm a thaghas an clas fhèin – turas san t-seachdain/sa mhìos, thairis air grunn làithean, aig deireadh na seachdain, seiseanan blasad. Ma tha feumalachdan sònraichte aig a’ bhuidheann agaibh, cuiribh fios thugainn is nì sinn ar dìcheall ur cuideachadh.
Luchd-ionnsachaidh
- Còmhradh
- Gràmar

- Ùlpan
Fileantaich
- Gràmar
- Litreachadh
- Sgrìobhadh
Gnìomhachasan
- Gaelic Awareness
- Gàidhlig ann an gnìomhachas
- Cùrsaichean do luchd-obrach
A dh’aindeoin a’ chùrsa a thaghas sibh, gheibh sibh deagh theagasg bho oidean fiosrachail agus bidh cothrom agaibh coinneachadh ri luchd-ionnsachaidh eile san sgìre. Nuair a tha sibh a’ smaoineachadh air cùrsa a dhèanamh, taghaibh an ìre aig am fairich thu comhfhurtail ach rud beag air do shìneadh. Tha na clasaichean sùbailteach agus faodaidh sibh gluasad gu ìre eadar-dhealaichte ma thogras sibh.
Gheibhear fiosrachadh mu na cùrsaichean as ùr san sgìre agaibh air làrach-lìn ùr BBC Alba do luchd-ionnsachaidh www.learngaelic.net Air a neo thoiribh sùil air liosta Chlì.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Seonag Anderson, Manaidsear Chùrsaichean
seonag@cli.org.uk 01463 226757