Naidheachd

Thèid Clì Gàidhlig a’ dol à bith. Aig coinneamh bliadhnail na buidhne ann an Dùn Èideann Disathairne, bhòt buill airson moladh sònraichte gus Clì a sgaoileadh.

“Is ann le bròn gu bheil am bòrd-stiùiridh air seo a mholadh don bhallrachd, air sàilleabh cion airgead ag èirigh à co-dhùnaidhean Bòrd na Gàidhlig maoin a dhiùltadh oirnn.

“Bu mhath leam taing a thoirt dhan fheadhainn a bha ag obair do Chlì thar nam bliadhnaichean, agus dhan fheadhainn a bha nam ball. Rinn iad cho mòr as leth na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Raonaid Alcorn, Cathraiche Chlì

Anns na seachdainean a tha romhainn nì am bòrd-stiùiridh na tha riatanach gus Clì a sgaoileadh. Ma bhios sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, cur fios thugainn: cli@cli.org.uk

 








learngaelic.net